Gaelic

Fàilte don Ostail nan Cùiltearan, an Ostail as àirde ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Suidhichte ann am meadhan a’ bhaile mhaiseach Tom an t-Sabhail, tha an ostail le ceithir rionnagan is 24 leapannan rin lorg am measg cuid dhen dùthaich as breagha a th’ againn.

Stèidhichte aig oir a tuatha Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, tha gu leòr a’ tachairt ann an Tom an t-Sabhail. Le solarachadh farsaing de chur-seachadan mar choiseachd, rothaireachd thar bheinn, is spòrsan geamhraidh cuide ris an taigh-staile chlùiteach agus eachdraidh beartach ionadail tha an t-àite seo a’ tabhann rudeigin son gach siùbhlaiche, is gabhaidh e uile an dèanamh bhon Ostail nan Cùilteran. Airson nan luchd-ealain is dealbhadairean cuideachd,’s cinnteach gun tèid spionnadh air ur mac-meanma air sàilleibh nan seallaidhean bòidheach.

Le goireasan mar W-Fi an asgaidh, fasgadh do rothairean, seòmar-tiormachaidh, is seòmar-cruinneachaidh air leth, tha sinn ag obair gu cruaidh gus am bi tàmh chofhurtail agaibh leinn. A thuileadh air son nì ar luchd-obrach aoibheil an dìcheil gum bi a h-uile fiosrachaidh a tha a dhìth oirbh airson rùrachadh feadh na h-àite, is gum bi fàilte mhòr chrìdheil agaibh airson na h-ùine a bhios sibh a’ fuireach leinn.

Le leapannan a’ tòiseachadh aig £17 airson inbhich, is lasachadh prìse airson buidhnean nas motha, tha Ostail nan Cùiltearan sùbailte ge brith dè na h-àireamh de dhaoine a bhios a’ tadhail oirnn. Tha sinn a’ dèanamh fiughar gus ur faicinn!

Main Street
Tomintoul
AB37 9EX

Tel: 01807 580 364
Mobile: 07557 642 727
info@thesmugglershostel.co.uk